Oifigear Gàidhlig (Gaelic Officer )
| Posting date: | 07 November 2025 |
|---|---|
| Salary: | £35,039 to £37,849 per year |
| Hours: | Full time |
| Closing date: | 06 December 2025 |
| Location: | UK |
| Remote working: | On-site only |
| Company: | HIJOBS |
| Job type: | Permanent |
| Job reference: | 377974 |
Summary
Dleastanasan: Bidh an neach san dreuchd an urra ri bhith a’ lìbhrigeadh gheallaidhean a tha ceangailte fon lagh aig a’ cholaiste a tha air am mìneachadh nar Plana Gàidhlig (GLP). Tha an dreuchd seo a’ toirt cothrom air leth buaidh shònraichte a thoirt air gleidheadh agus brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig taobh a-staigh co-theacsa foghlaim treas ìre, a’ gabhail a-steach a bhith a’ leasachadh agus a’ cumail suas ceanglaichean ri Plana Gàidhlig UHI san fharsaingeachd.
Teisteanasan, Eòlas agus Sgilean: Bidh Ceum, SCQF Ìre 9 no nas àirde, no co-ionann, aig na tagraichean freagarrach ann an cuspair iomchaidh (a’ gabhail a-steach foghlam, gnìomhachas, leasachadh coimhearsnachd no buidheann). Le co-dhiù trì bliadhna de eòlas obrach ann an dreuchd iomchaidh, le uallach airson leasachadh agus lìbhrigeadh phrògraman no seirbheisean iomchaidh.
Tha an dreuchd seo ag iarraidh gum bi an tagraiche soirbheachail fileanta sa Ghàidhlig.